Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 5:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus saoir, agus clachairean; agus thog iad taigh do Dhaibhidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thuig Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaich e a rìoghachd airson a shluaigh Israel.

Agus nuair a shuidh an rìgh na thaigh, agus a thug an Tighearna fois dha o a naimhdean uile mun cuairt,

Thubhairt an rìgh ri Nàtan am fàidh, Feuch a‑nis, tha mise am chòmhnaidh ann an taigh seudair, ach tha àirc Dhè na còmhnaidh an taobh a‑staigh de chùirteanan.

Agus bha aig Solamh deich agus trì-fichead mìle fear-iomchair eallaich, agus ceithir-fichead mìle fear-gearraidh anns a’ bheinn;

Agus shnaidh clachairean Sholaimh, agus clachairean Hiraim, agus na gearradairean-chlach iad: mar sin rè trì bliadhna dheasaich iad fiodh agus clachan a thogail an taighe.

A‑nis chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus clachairean, agus saoir, a thogail taighe dha.

Ach thug iad airgead do na snaidheadairean agus don luchd-ceàirde; agus biadh, agus deoch, agus ola do na Sìdonaich agus do na Tìoraich, a‑chum gun tugadh iad fiodh seudair o Lebanon gu muir Iopa, a rèir a’ chomais a fhuair iad o Chìrus rìgh Phersia.

Molaidh mi thu, a Thighearna, oir thog thu suas mi, agus cha tug thu air m’eascairdean gàirdeachas a dhèanamh os mo chionn.

A mhic an duine, a chionn gun dubhairt Tìrus an aghaidh Ierusaleim, Aha! tha ise a bha na dorsan don t‑sluagh briste: thill i thugamsa; leasaichear mise a‑nis, o chuireadh ise fàs:

Agus an sin tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Ramah, agus gus am mòr-bhaile daingnichte Tìrus, agus tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Hosah; agus tha a dol a‑mach aig an fhairge on oirthir gu Achsib;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan