Agus fhreagair Daibhidh Rechab agus Baanah a bhràthair, mic Rimoin am Beerotach, agus thubhairt e riu, Mar as beò an Tighearna, a shaor m’anam as gach uile airc,
An t‑aingeal a shaor mi o gach olc, na leinibh a bheannachadh, agus ainmichear m’ainm-sa orra, agus ainm m’athraichean, Abrahàm agus Isaac: agus mar iasg na mara fàsadh iad lìonmhor ann am meadhon na talmhainn.
Agus bha aig mac Shauil dithis fhear a bha nan ceannardan air buidhnean; b’e ainm aoin dhiubh Baanah, agus ainm an fhir eile Rechab, mic Rimoin am Beerotach, de chloinn Bheniàmin: (oir mheasadh Beerot mar an ceudna de Bheniàmin:
Agus, feuch, mar a mheasadh d’anam-sa gu mòr leamsa an‑diugh, mar sin biodh m’anam-sa air a mheas gu mòr leis an Tighearna, agus saoradh e mi as gach gàbhadh.