Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 4:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, thàinig iad air an aghaidh gu meadhon an taighe, mar gum biodh iad gu cruithneachd a thoirt leo, agus bhuail iad e fon chòigeamh aisne: agus chaidh Rechab agus a bhràthair Baanah as:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Gidheadh dhiùlt esan tionndadh; uime sin bhuail Abner e le eàrr na sleagh fon chòigeamh aisne, agus thàinig an t‑sleagh a‑mach air a chùlaibh; agus thuit e an sin, agus fhuair e bàs anns an àite sin fhèin: agus iadsan uile a thàinig a dh’ionnsaigh an àit anns an do thuit Asahel sìos agus anns an d’fhuair e bàs, dh’fhan iad nan seasamh.

Ach cha tug Amasa fa‑near an claidheamh a bha ann an làimh Ioaib: agus bhuail e leis e fon chòigeamh aisne, agus leig e a‑mach a mhionach a dh’ionnsaigh an làir, agus cha do bhuail e a‑rìs e; agus fhuair e bàs. Agus chaidh Ioab, agus a bhràthair Abisai, air tòir Shèba mhic Bhichri.

Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel.

Agus bha aig mac Shauil dithis fhear a bha nan ceannardan air buidhnean; b’e ainm aoin dhiubh Baanah, agus ainm an fhir eile Rechab, mic Rimoin am Beerotach, de chloinn Bheniàmin: (oir mheasadh Beerot mar an ceudna de Bheniàmin:

Agus chaidh Ehud as, nuair a bha iadsan fo amhluadh; agus chaidh e seachad air na clach-shlocan, agus chaidh e as gu Seirat.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan