Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 4:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha aig Ionatan mac Shauil mac a bha bacach, agus a bha còig bliadhna a dh’aois nuair a thàinig an sgeul mu Shaul agus Ionatan à Iesreel; agus thog a bhanaltram leatha e, agus theich i: agus nuair a rinn i cabhag gu teicheadh, thuit esan, agus rinneadh bacach e; agus b’e a ainm Mephiboset.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ach chaomhain an rìgh Mephiboset mac Ionatain mhic Shauil, airson mionnan an Tighearna, a bha eatorra, eadar Daibhidh agus Ionatan mac Shauil.

Agus chòmhnaich Mephiboset ann an Ierusalem; oir dh’ith e an còmhnaidh aig bòrd an rìgh: agus bha e bacach air a dhà chois.

Agus thubhairt an rìgh, Nach eil fhathast neach air bith de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas Dhè? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Tha fhathast mac aig Ionatan a tha bacach.

A‑nis nuair a thàinig Mephiboset, mac Ionatain, mac Shauil, a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air aghaidh, agus rinn e ùmhlachd. Agus thubhairt Daibhidh, A Mhephiboset! Agus fhreagair esan, Feuch, do sheirbhiseach.

Theich Adad, e fhèin agus Edomaich àraidh de sheirbhisich a athar maille ris, gu dol a‑steach don Eiphit; agus Hadad fhathast na leanabh òg.

Agus b’e mac Ionatain Merib-bàal; agus Merib-bàal Micah.

Agus b’e mac Ionatain Merib-bàal; agus ghin Merib-bàal Micah.

A‑nis chruinnich na Philistich am feachd uile gu Aphec: agus champaich na h‑Israelich làimh ri tobar a tha ann an Iesreel.

Uime sin rinn Daibhidh agus a dhaoine mocheirigh a‑chum gum falbhadh iad anns a’ mhadainn, agus gun tilleadh iad gu tìr nam Philisteach; agus chaidh na Philistich suas gu Iesreel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan