Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 4:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha aig mac Shauil dithis fhear a bha nan ceannardan air buidhnean; b’e ainm aoin dhiubh Baanah, agus ainm an fhir eile Rechab, mic Rimoin am Beerotach, de chloinn Bheniàmin: (oir mheasadh Beerot mar an ceudna de Bheniàmin:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Selec an t‑Amonach, Naharai am Beerotach, fear-iomchair arm Ioaib mhic Sheruiah,

Agus, feuch, thàinig seirbhisich Dhaibhidh agus Ioab o ruagadh buidhne, agus thug iad creach mhòr leo: (ach cha robh Abner maille ri Daibhidh ann an Hebron; oir chuir e air falbh e, agus dh’imich e ann an sìth.)

Agus dh’imich mic Rimoin am Beerotach, Rechab agus Baanah, agus thàinig iad mu theas an là gu taigh Isboseit, a bha na laighe air leabaidh mu mheadhon-là.

Agus fhreagair Daibhidh Rechab agus Baanah a bhràthair, mic Rimoin am Beerotach, agus thubhairt e riu, Mar as beò an Tighearna, a shaor m’anam as gach uile airc,

Agus chaidh na Sirianaich a‑mach nam buidhnean, agus thug iad leo ann am braighdeanas à tìr Israeil caileag bheag; agus bha i a’ feitheamh air mnaoi Nàamain.

Agus rinn e deasachadh mòr air an son; agus nuair a dh’ith agus a dh’òl iad, leig e air falbh iad, agus chaidh iad a dh’ionnsaigh an tighearna. Agus cha tàinig buidhnean Shiria nas mò do thìr Israeil.

Gibeon, agus Ramah, agus Beerot,

Agus Mispeh, agus Chephirah, agus Mosah,

Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan