Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 4:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach mò gu mòr, nuair a mharbh daoine aingidh duine ionraic na thaigh fhèin air a leabaidh? Agus a‑nis nach iarr mi a fhuil-san air ur làimh-se, agus nach toir mi bhàrr na talmhainn sibh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis tha thu mallaichte on talamh, a dh’fhosgail a bheul a ghabhail fuil do bhràthar od làimh.

Agus thubhairt Dia ri Nòah, Thàinig crìoch gach uile fheòla am fhianais; oir tha an talamh air a lìonadh le fòirneart dan trìdsan; agus, feuch, sgriosaidh mise iad maille ris an talamh.

Agus sgriosadh gach uile dhùil a bha air aghaidh na talmhainn, araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; agus sgriosadh iad bhàrr na talmhainn: agus dh’fhàgadh a‑mhàin Nòah, agus na bha maille ris anns an àirc.

Dhìol an Tighearna ortsa uile fhuil taigh Shauil, an àit an do rìghich thu; agus thug an Tighearna an rìoghachd do làimh do mhic Absalom: agus, feuch, ghlacadh thu ann ad olc fhèin, a chionn gur duine fuileachdach thu.

Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel.

Agus tha mise an‑diugh anfhann ged tha mi ungte am rìgh; agus tha na daoine sin, mic Sheruiah, ro chruaidh air mo shon: dìolaidh an Tighearna do fhear-dèanaimh an uilc a rèir a aingidheachd.

Agus tillidh an Tighearna a fhuil air a cheann fhèin, do bhrìgh gun do bhuail e air dithis dhaoine a b’ionraice agus a b’fheàrr na e fhèin, agus gun do mharbh e leis a’ chlaidheamh iad, gun fhios dom athair Daibhidh, eadhon Abner mac Neir, ceannard sluagh Israeil, agus Amasa mac Ieteir, ceannard sluagh Iùdah.

Biodh iad am fianais an Tighearna a‑ghnàth, agus gearradh e as an cuimhne on talamh.

Nuair a nì e rannsachadh air fuil, cuimhnichidh e orra; cha dìochuimhnich e glaodh nam bochd.

Esan a bhuaileas duine, air chor is gum bàsaich e, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Oir a‑nis sìnidh mi a‑mach mo làmh, agus buailidh mi thu fhèin agus do shluagh le plàigh; agus gearrar as thu on talamh.

Ach gearrar na daoine aingidh bhàrr na talmhainn, agus spìonar luchd-easaontais as.

Mar thobar air a chur tro a chèile, agus mar fhuaran air a thruailleadh, tha am fìrean a thuislicheas am fianais an aingidh.

Mar seo their sibh riu, Na diathan nach do rinn na nèamhan no an talamh, sgriosar iad a‑mach on talamh, agus o bhith fo na nèamhan seo.

Nach eil thusa o shìorraidheachd, O Thighearna, mo Dhia-sa, m’aon naomh? Cha bhàsaich sinn. O Thighearna, dh’òrdaich thu iadsan airson breitheanais; agus, O Dhè chumhachdaich, dhaingnich thu iad airson smachdachaidh.

Air an adhbhar sin tha an reachd air fàilneachadh, agus chan eil breitheanas uair air bith a’ dol a‑mach: oir tha an ciontach ag iadhadh mu thimcheall an fhìrein; uime sin tha breitheanas eucorach a’ dol air aghaidh.

Chan ann mar Chàin, a bha on droch aon, agus a mharbh a bhràthair. Agus carson a mharbh e e? A chionn gu robh a obraichean fhèin olc, agus obraichean a bhràthar fìreanta.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan