Agus ri Amasa their sibh, Nach tusa mo chnàimh, agus m’fheòil? Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura bi thusa ann ad cheannard air an t‑sluagh am làthair-sa an còmhnaidh an àite Ioaib.
Agus dh’aom e cridheachan fir Iùdah uile, mar chridhe aon duine; air chor is gun do chuir iad am fios seo a dh’ionnsaigh an rìgh, Till fhèin, agus do sheirbhisich uile.
Agus nuair a thàinig an sluagh uile a thoirt air Daibhidh biadh ithe, am feadh is a b’e an là fhathast a bha ann, mhionnaich Daibhidh, ag ràdh, Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma bhlaiseas mi aran no nì air bith eile, gus an tèid a’ ghrian fodha.
Agus chuir Iesebel teachdaire a dh’ionnsaigh Eliah, ag ràdh, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura dèan mise mun àm seo a‑màireach d’anam-sa mar anam aoin dhiùbhsan.
An sin mhionnaich rìgh Solamh air an Tighearna, ag ràdh, Gun dèanadh Dia mar sin riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura ann an aghaidh a anama fhèin a labhair Adoniah am facal seo.
Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh-san a rèir facal an Tighearna:
Far am faigh thusa bàs, gheibh mise bàs, agus an sin adhlaicear mi. Gun dèanadh an Tighearna mar sin ormsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma chuireas ach am bàs dealachadh eadar mise agus thusa.
Gun dèanadh Dia mar sin ri naimhdean Dhaibhidh, agus tuilleadh mar an ceudna, ma dh’fhàgas mise dhiubhsan uile a tha aige gu ruig a’ mhadainn, aon air bith a nì uisge ri balla.
Agus thubhairt e, Ciod an nì a chaidh a ràdh riut? Na ceil ormsa e, guidheam ort: gun dèanadh Dia mar sin riut, agus tuilleadh mar an ceudna, ma cheileas tu nì air bith orm, de gach nì a chaidh a ràdh riut.