Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 3:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha mise an‑diugh anfhann ged tha mi ungte am rìgh; agus tha na daoine sin, mic Sheruiah, ro chruaidh air mo shon: dìolaidh an Tighearna do fhear-dèanaimh an uilc a rèir a aingidheachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an rìgh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah? Leigibh leis mallachadh, a chionn gun dubhairt an Tighearna ris, Mallaich Daibhidh: agus cò a their, Carson a rinn thu mar seo?

Agus ri Amasa their sibh, Nach tusa mo chnàimh, agus m’fheòil? Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura bi thusa ann ad cheannard air an t‑sluagh am làthair-sa an còmhnaidh an àite Ioaib.

Agus thubhairt Daibhidh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah, gum biodh sibh an‑diugh nur n‑eascairdean dhomh? An cuirear an‑diugh duine sam bith gu bàs ann an Israel? Oir nach eil fhios agam gu bheil mi an‑diugh am rìgh os cionn Israeil?

Agus thubhairt an rìgh ra sheirbhisich, Nach eil fhios agaibh gun do thuit uachdaran agus duine mòr an‑diugh ann an Israel?

Agus tillidh an Tighearna a fhuil air a cheann fhèin, do bhrìgh gun do bhuail e air dithis dhaoine a b’ionraice agus a b’fheàrr na e fhèin, agus gun do mharbh e leis a’ chlaidheamh iad, gun fhios dom athair Daibhidh, eadhon Abner mac Neir, ceannard sluagh Israeil, agus Amasa mac Ieteir, ceannard sluagh Iùdah.

A‑nis, matà, na meas neochiontach e: oir is duine glic thu, agus tha fhios agad ciod as còir dhut a dhèanamh ris; ach thoir a cheann liath sìos don uaigh le fuil.

Agus thubhairt Daibhidh, Tha Solamh mo mhac òg agus maoth; agus an taigh a tha ri thogail don Tighearna, is còir a dhèanamh mòr agus àrd, a‑chum gum bi e ainmeil, agus na adhbhar uaill air feadh gach uile thìr: uime sin ullaichidh mise fa chomhair. Agus dh’ullaich Daibhidh gu pailt ro a bhàs.

Agus thubhairt Daibhidh an rìgh ris a’ cho-chruinneachadh uile, Tha Solamh mo mhac den do rinn Dia a‑mhàin roghainn, òg agus maoth, agus tha an obair mòr: oir chan ann airson duine ach airson an Tighearna Dia a tha an lùchairt.

Agus chruinnich da ionnsaigh daoine faoine, mic Bheliail, agus neartaich iad iad fhèin an aghaidh Rehobòaim mhic Sholaimh, nuair a bha Rehobòam òg agus tais-chridheach, agus nach b’urrainn e cur nan aghaidh.

Gu moch gearraidh mi as uile dhroch dhaoine na tìre, a‑chum gun sgath mi as o chathair an Tighearna uile luchd-dèanamh an uilc.

Thoir dhaibh a rèir an obrach, agus a rèir aingidheachd an gnìomharan; a rèir obair an làmh thoir dhaibh; ìoc an luigheachd dhaibh.

Mar an ceudna dhutsa, a Thighearna, buinidh tròcair, oir bheir thu luigheachd do dhuine a rèir a obrach.

Tillidh a olc air a cheann fhèin, agus thig a fhòirneart a‑nuas air a chlaigeann fhèin.

Agus sgathaidh mi sìos uile adharcan nan aingidh; àrdaichear adharcan an fhìrein.

Esan a bhuaileas duine, air chor is gum bàsaich e, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Nuair a shuidheas rìgh air cathair-bhreitheanais, sgaoilidh e gach olc le a shùilean.

Buin an droch dhuine à làthair an rìgh, agus daingnichear ann am fìreantachd a rìgh-chathair.

Is an‑aoibhinn don aingidh; is olc a dh’èireas dhàsan; oir dìolar dha obair a làmh fhèin.

Agus abair ris, Thoir an aire, agus bi ad thosd; na gabh eagal, agus na bi lag-chridheach, airson dà eàrr nan aithinnean smùidreach seo, airson corraich Resin agus Shiria, agus mac Remaliah.

An sin thubhairt an rìgh Sedeciah, Feuch, tha e nur làimh: oir chan e an rìgh esan a dh’fhaodas aon nì a chur nur n‑aghaidh.

An sin dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo Daniel, agus thilg iad e do gharaidh nan leòmhann: agus labhair an rìgh ri Daniel, ag ràdh, Do Dhia, dom bheil thu a’ dèanamh seirbhis a‑ghnàth, nì esan do thèarnadh.

Ach mura dèan sibh mar seo, feuch, pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna; agus bithibh cinnteach gum faigh ur peacadh a‑mach sibh.

Oir is esan seirbhiseach Dhè a‑chum maith dhut. Ach ma nì thu an t‑olc, biodh eagal ort; oir chan ann gu dìomhain a tha e a’ giùlan a’ chlaidheimh: oir is e seirbhiseach Dhè e, na dhìoghaltair feirge air an tì a nì olc.

Rinn Alecsander an ceàrd-umha iomadh olc orm: gun tugadh an Tighearna dha a rèir a ghnìomharan:

Agus uile olc daoine Shecheim dhìol Dia air an ceann fhèin: agus thàinig orra mallachadh Iotaim mhic Ierubàail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan