Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 3:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha do cheangladh do làmhan, agus cha do chuireadh do chasan ann an geimhlean: mar a thuiteas duine ro dhaoine aingidh, mar sin thuit thusa. Agus ghuil an sluagh uile a‑rìs os a chionn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus rinn iad caoidh, agus ghuil iad, agus thraisg iad gu feasgar, airson Shauil, agus airson a mhic Ionatan, agus airson sluagh an Tighearna, agus airson taigh Israeil, do bhrìgh gun do thuit iad leis a’ chlaidheamh.

Agus rinn an rìgh caoidh os cionn Abneir, agus thubhairt e, An ann mar a bhàsaicheas amadan a bhàsaich Abner?

Agus nuair a thàinig an sluagh uile a thoirt air Daibhidh biadh ithe, am feadh is a b’e an là fhathast a bha ann, mhionnaich Daibhidh, ag ràdh, Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma bhlaiseas mi aran no nì air bith eile, gus an tèid a’ ghrian fodha.

Leis an t‑solas èiridh am mortair, agus marbhaidh e am bochd agus am feumach; agus anns an oidhche bidh e mar ghadaiche.

Seo an tuireadh leis an tuir iad os a cionn: Nì nigheanan nan cinneach caoidh air a son: nì iad caoidh air a son, airson na h‑Èiphit, agus airson a mòr-shluaigh uile, deir an Tighearna Dia.

Agus amhail a dh’fheitheas buidheann airson duine, tha cuideachd nan sagart a’ marbhadh anns an t‑slighe gu Sechem a dh’aon-bheachd; oir rinn iad aingidheachd gu dàna.

Ach ghlac na Philistich e, agus chuir iad a‑mach a shùilean; agus thug iad sìos e gu Gàsa, agus cheangail iad e le geimhlean umha, agus bha e a’ bleith ann an taigh a’ phrìosain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan