Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 3:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn an rìgh caoidh os cionn Abneir, agus thubhairt e, An ann mar a bhàsaicheas amadan a bhàsaich Abner?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Daibhidh caoidh leis a’ chumha seo os cionn Shauil, agus os cionn a mhic Ionatan:

Cha do cheangladh do làmhan, agus cha do chuireadh do chasan ann an geimhlean: mar a thuiteas duine ro dhaoine aingidh, mar sin thuit thusa. Agus ghuil an sluagh uile a‑rìs os a chionn.

Agus rinn Ieremiah tuireadh airson Iosiah: agus labhair na fir-sheinn agus na mnathan-seinn uile mu thimcheall Iosiah nan tuiridhean gu ruig an là‑an‑diugh, agus rinn iad iad nan reachd ann an Israel. Agus, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar nan tuireadh.

Is e beul amadain a sgrios, agus is iad a bhilean ribe a anama fhèin.

Mar a’ chearc a nì gur air uibhean, agus nach toir a‑mach eòin, tha esan a gheibh beartas, ach nach ann le còir; ann am meadhon a làithean dealaichidh e ris; agus na chrìch dheireannaich bidh e na amadan.

Seo an tuireadh leis an tuir iad os a cionn: Nì nigheanan nan cinneach caoidh air a son: nì iad caoidh air a son, airson na h‑Èiphit, agus airson a mòr-shluaigh uile, deir an Tighearna Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan