Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 3:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’adhlaic iad Abner ann an Hebron: agus thog an rìgh suas a ghuth, agus ghuil e aig uaigh Abneir; agus ghuil an sluagh uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus rinn iad caoidh, agus ghuil iad, agus thraisg iad gu feasgar, airson Shauil, agus airson a mhic Ionatan, agus airson sluagh an Tighearna, agus airson taigh Israeil, do bhrìgh gun do thuit iad leis a’ chlaidheamh.

Agus ghluaiseadh an rìgh gu mòr, agus chaidh e suas don t‑seòmar os cionn a’ gheata, agus ghuil e: agus ag imeachd dha, thubhairt e mar seo. A mhic, Absaloim! A mhic, a mhic, Absaloim! O nach mise fhèin a fhuair bàs air do shon, Absaloim, a mhic, a mhic!

Agus dh’àithn Daibhidh da òganaich, agus mharbh iad iad, agus gheàrr iad dhiubh an làmhan agus an casan, agus chroch iad suas iad os cionn an tobair ann an Hebron; agus ghabh iad ceann Isboseit, agus dh’adhlaic iad e ann an àit-adhlacaidh Abneir ann an Hebron.

Is cionta seo mar an ceudna airson a’ bhritheimh; oir dh’àichinn an Dia a tha shuas.

Ma rinn mi gàirdeachas ri sgrios an tì a dh’fhuathaich mi, agus ma thog mi mi fhèin suas a chionn gun tàinig olc air:

Nuair a thuiteas do nàmhaid, na bi aoibhneach, agus nuair a thuislicheas e, na dèanadh do chridhe gàirdeachas:

An sin thog Daibhidh agus an sluagh a bha maille ris an guth, agus ghuil iad, gus nach robh neart annta gu gul na b’fhaide.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan