Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 3:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar sin mharbh Ioab agus a bhràthair, Abisai, Abner, a chionn gun do chuir esan gu bàs am bràthair Asahel aig Gibeon anns a’ chath.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Nuair a bha iad aig a’ chloich mhòir a tha ann an Gibeon, thàinig Amasa romhpa. Agus bha Ioab crioslaichte le fallaing a chuir e uime, agus oirre sin crios le claidheamh ceangailte air a leis na thruaill; agus nuair a chaidh e air aghaidh, thuit e aisde.

An duine a nì ainneart air fuil neach sam bith, teichidh e gu ruig an sloc; na cumadh aon duine e.

Marbhaidh dìoghaltair na fala e fhèin am mortair: nuair a choinnicheas e e, marbhaidh e e.

Agus nuair a chunnaic an sluagh borb a’ bhèist an crochadh ra làimh, thubhairt iad ri chèile, Gu cinnteach is mortair an duine seo, do nach fuiling dìoghaltas a bhith beò, ged a theasairgeadh on fhairge e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan