2 Samuel 3:27Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel. Faic an caibideil |
Agus tillidh an Tighearna a fhuil air a cheann fhèin, do bhrìgh gun do bhuail e air dithis dhaoine a b’ionraice agus a b’fheàrr na e fhèin, agus gun do mharbh e leis a’ chlaidheamh iad, gun fhios dom athair Daibhidh, eadhon Abner mac Neir, ceannard sluagh Israeil, agus Amasa mac Ieteir, ceannard sluagh Iùdah.
Os bàrr, tha fhios agad ciod a rinn Ioab mac Sheruiah ormsa, agus ciod a rinn e air dà cheannard sluagh Israeil, air Abner mac Neir, agus air Amasa mac Ieteir; oir mharbh e iad, agus dhòirt e fuil a’ chogaidh anns an t‑sìth, agus chuir e fuil a’ chogaidh air a chrios a bha ma leasraidh, agus air a bhrògan a bha air a chasan.