Agus nuair a thàinig Ioab a‑mach o Dhaibhidh, chuir e teachdairean an dèidh Abneir, a thug air ais e o thobar Shirah: ach cha robh fhios aig Daibhidh air.
Is aithne dhut Abner mac Neir, gur ann gu do mhealladh a thàinig e, agus gu fios fhaghail air do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, agus gu fios fhaghail air gach nì a tha thu a’ dèanamh.
Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel.