2 Samuel 3:24Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin thàinig Ioab a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt e, Ciod e a rinn thu? Feuch, thàinig Abner ad ionnsaigh; carson seo a chuir thu air falbh e, agus gun amharas dh’imich e? Faic an caibideil |
An sin bha fearg mhòr air Abner airson briathran Isboseit, agus thubhairt e, An ceann coin mise, a bhuineas do Iùdah? Tha mi a’ nochdadh coibhneis an‑diugh do thaigh Shauil, d’athair, da bhràithrean, agus da chàirdean, agus cha tug mi thairis thusa do làimh Dhaibhidh; gidheadh tha thusa a’ cur coire as mo leth an‑diugh a‑thaobh na mnà seo.