Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 3:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig Ioab agus an armailt uile a bha maille ris, dh’innis iad do Ioab, ag ràdh, Thàinig Abner mac Neir a dh’ionnsaigh an rìgh, agus chuir e air falbh e, agus dh’imich e ann an sìth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, thàinig seirbhisich Dhaibhidh agus Ioab o ruagadh buidhne, agus thug iad creach mhòr leo: (ach cha robh Abner maille ri Daibhidh ann an Hebron; oir chuir e air falbh e, agus dh’imich e ann an sìth.)

An sin thàinig Ioab a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt e, Ciod e a rinn thu? Feuch, thàinig Abner ad ionnsaigh; carson seo a chuir thu air falbh e, agus gun amharas dh’imich e?

Mar an ceudna chan eil e math peanas a dhèanamh air an fhìrean, no àrd-uaislean a bhualadh airson ceartais.

Agus b’e ainm bean Shauil Ahinoam, nighean Ahimahais: agus b’e ainm ceannard a shluaigh Abner mac Neir, bràthair-athar Shauil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan