Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 3:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Abner ri Daibhidh, Eiridh mi, agus falbhaidh mi, agus cruinnichidh mi Israel uile a dh’ionnsaigh mo thighearna, an rìgh, a‑chum gun dèan iad coicheangal riut, agus gun rìghich thu os cionn gach nì as miann led anam: agus chuir Daibhidh Abner air falbh, agus dh’imich e ann an sìth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e e na rìgh air Gilead, agus air na h‑Asuraich, agus air Iesreel, agus air Ephraim, agus air Beniàmin, agus air Israel uile.

An rìoghachd atharrachadh o thaigh Shauil, agus rìgh-chathair Dhaibhidh a chur suas os cionn Israeil, agus os cionn Iùdah, o Dhan eadhon gu Beersèba.

Agus chuir Abner teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh na àite fhèin, ag ràdh, Cia leis an tìr? Ag ràdh mar an ceudna, Dèan do choicheangal riumsa, agus, feuch, bidh mo làmh leat, gu Israel uile a thionndadh ad ionnsaigh.

Agus thàinig Abner a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron agus fichead fear maille ris: agus rinn Daibhidh cuirm do Abner agus do na daoine a bha maille ris.

Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron, agus rinn rìgh Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel.

Agus gabhaidh mi thusa, agus rìoghaichidh tu a rèir nan uile nithean a mhiannaicheas d’anam, agus bidh tu ad rìgh air Israel.

Gun tugadh e dhut a rèir do chridhe fhèin, agus gun coileanadh e do chomhairle uile!

Oir tha na h‑uile ag iarraidh nan nithean a bhuineas dhaibh fhèin, chan iad na nithean a bhuineas do Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan