Agus nuair a thàinig rìgh Daibhidh gu Bahurim, feuch, à sin thàinig a‑mach duine de theaghlach taigh Shauil, dom b’ainm Simei, mac Ghera; thàinig e a‑mach, a’ teachd air aghaidh agus a’ mallachadh.
Gidheadh chunnaic òganach iad, agus dh’innis e do Absalom: ach dh’imich iadsan le chèile gu luath, agus thàinig iad gu taigh duine ann am Bahurim, aig an robh tobar na chùirt, agus chaidh iad sìos an sin.
Agus bha mìle fear de Bheniàmin maille ris, agus Siba, òglach taigh Shuail, agus a chòig-mic-dheug, agus a fhichead seirbhiseach maille ris; agus chaidh iad thar Iòrdan ron rìgh.
Agus, feuch, maille riut tha Simei, mac Ghera, Beniàmineach o Bhahurim, a mhallaich mise le mallachadh geur, anns an là anns an deachaidh mi do Mhahanaim: ach thàinig e a‑nuas am choinneamh gu Iòrdan, agus mhionnaich mi dha air an Tighearna, ag ràdh, Cha chuir mi gu bàs leis a’ chlaidheamh thu.
Agus chaidh Ismael mac Netaniah a‑mach o Mhispah nan còdhail, a’ gul fad na slighe: agus thàrladh nuair a choinnich e iad, gun dubhairt e riu, Thigibh gu Gedaliah mac Ahicaim.