Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 3:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Daibhidh teachdairean gu Isboset mac Shauil, ag ràdh, Tabhair dhomh mo bhean Michal, a cheangail mi rium fhèin ann am pòsadh airson ceud ro‑chraiceann de na Philistich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Dà‑fhichead bliadhna a dh’aois bha Isboset mac Shauil nuair a thòisich e air rìoghachadh os cionn Israeil, agus rìghich e dà bhliadhna: ach lean taigh Iùdah Daibhidh.

Agus chuir Isboset fios oirre, agus thug e o a fear i, eadhon o Phaltiel mac Lais.

Agus nuair a bha àirc an Tighearna a’ teachd a‑steach gu baile Dhaibhidh, dh’amhairc Michal nighean Shauil tro uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ leumnaich agus a’ dannsa am fianais an Tighearna, agus rinn i tàir air na cridhe.

Agus mar seo bha breith Iosa Crìosd: oir an dèidh do cheangal-pòsaidh a bhith air a dhèanamh eadar a mhàthair Muire agus Iòseph, ro dhaibh teachd cuideachd, fhuaireadh torrach i on Spiorad Naomh.

Agus thubhairt Saul, Mar seo their sibh ri Daibhidh, Chan eil an rìgh ag iarraidh dubhairidh sam bith, ach ceud ro‑chraiceann de na Philistich, gu bhith dìolta air naimhdean an rìgh. Ach shaoil Saul gun tugadh e air Daibhidh tuiteam le làimh nam Philisteach.

Uime sin dh’èirich Daibhidh, agus dh’imich e fhèin agus a dhaoine, agus mharbh e de na Philistich dà cheud fear; agus thug Daibhidh leis an ro‑chraicnean, agus thug iad nan làn àireamh iad don rìgh, a‑chum gum biodh e na chliamhainn aig an rìgh: agus thug Saul dha Michal a nighean na mnaoi.

Oir thug Saul a nighean Michal, bean Dhaibhidh, do Phalti mac Lais, a bha de Ghalim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan