Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 3:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, Ro‑mhath; nì mise coicheangal riut: ach aon nì tha mi ag iarraidh ort, eadhon nach faic thu mo ghnùis, mura toir thu leat air tùs Michal nighean Shauil, nuair a thig thu gam fhaicinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus labhair Iùdah ris, ag ràdh, Thug an duine dearbh-chinnt dhuinn ag ràdh, Chan fhaic sibh mo ghnùis-sa mura bi ur bràthair maille ribh.

Agus thubhairt thusa rid sheirbhisich, Mura tig ur bràthair as òige a‑nuas maille ribh, chan fhaic sibh m’aghaidh-sa nas mò.

Agus thubhairt sinne, Chan fhaod sinn dol sìos: ma bhios ar bràthair as òige maille rinn, an sin thèid sinn sìos; oir chan fhaod sinn aghaidh an duine fhaicinn, mura bi ar bràthair as òige maille rinn.

Agus chuir Abner teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh na àite fhèin, ag ràdh, Cia leis an tìr? Ag ràdh mar an ceudna, Dèan do choicheangal riumsa, agus, feuch, bidh mo làmh leat, gu Israel uile a thionndadh ad ionnsaigh.

Agus nuair a thàinig àirc coicheangal an Tighearna a‑steach do bhaile Dhaibhidh, bha Michal nighean Shauil ag amharc a‑mach air uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ dannsa agus a’ cluich; agus rinn i tàir air na cridhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan