Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 3:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An rìoghachd atharrachadh o thaigh Shauil, agus rìgh-chathair Dhaibhidh a chur suas os cionn Israeil, agus os cionn Iùdah, o Dhan eadhon gu Beersèba.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Air an adhbhar sin is i mo chomhairle-sa gun cruinnichear Israeil uile ad ionnsaigh, o Dhan eadhon gu Beersèba, mar a’ ghaineamh a tha làimh ris an fhairge air lìonmhorachd, agus gun tèid thu fhèin maille riu don chath.

Oir thubhairt an rìgh ri Ioab, ceannard an t‑slòigh, a bha maille ris, Imich a‑nis air feadh uile threubhan Israeil, o Dhan eadhon gu Beersèba, agus gabh àireamh an t‑sluaigh, a‑chum gum bi fios àireamh an t‑sluaigh agam.

Agus cha b’urrainn e Abner a fhreagairt aon fhacal a‑rìs, a chionn gu robh eagal air roimhe.

Agus thubhairt Abner ri Daibhidh, Eiridh mi, agus falbhaidh mi, agus cruinnichidh mi Israel uile a dh’ionnsaigh mo thighearna, an rìgh, a‑chum gun dèan iad coicheangal riut, agus gun rìghich thu os cionn gach nì as miann led anam: agus chuir Daibhidh Abner air falbh, agus dh’imich e ann an sìth.

Agus ghabh Iùdah agus Israel còmhnaidh gu tèarainte, gach fear fo a chrann-fìona, agus fo a chrann-fìge fhèin, o Dhan eadhon gu Beersèba, rè uile làithean Sholaimh.

An sin chaidh clann Israeil uile a‑mach, agus chruinnicheadh an coitheanal ri chèile mar aon duine, o Dhan gu Beersèba, agus o thìr Ghilead, a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh.

Agus thubhairt Samuel ris, Reub an Tighearna rìoghachd Israeil dhìotsa an‑diugh, agus thug e i dod choimhearsnach, as fheàrr na thusa.

Agus rinn an Tighearna dha mar a labhair e tromhamsa; oir reub an Tighearna an rìoghachd as do làimh, agus thug e i dod choimhearsnach, do Dhaibhidh.

Agus bha fhios aig Israel uile, o Dhan gu ruig Beer-sèba, gun d’òrdaicheadh Samuel na fhàidh don Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan