Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 3:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis bha cogadh fada eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh: ach bha Daibhidh a’ sìor dhol air aghaidh ann an neart, agus taigh Shauil a’ sìor dhol an laige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a’ bhean, agus eadar do shìol-sa agus a sìol-se; bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil-san.

Agus bha cath ro‑chruaidh ann air an là sin: agus bhuaileadh Abner agus fir Israeil fa chomhair seirbhisich Dhaibhidh.

Uime sin shèid Ioab trompaid, agus stad an sluagh uile, agus cha deachaidh iad nas mò air tòir Israeil, agus cha do chog iad nas mò.

Agus shaor thu mi o chòmhstri mo shluaigh; ghlèidh thu mi gu bhith ann am cheann air na cinnich: nì sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh.

A‑nis nuair a bha cogadh eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh, rinn Abner e fhèin làidir ann an taigh Shauil.

Agus chaidh Daibhidh air aghaidh, a’ fàs mòr; agus bha an Tighearna Dia nan sluagh maille ris.

Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè an làithean uile.

Agus bha cogadh eadar Asa agus Baasa rìgh Israeil, rè an làithean uile.

Agus bha cogadh eadar Asa agus Baasa rìgh Israeil rè an làithean uile.

Agus dh’fhàs Daibhidh na bu mhò, agus na bu mhò; oir bha Tighearna nan sluagh leis.

A‑nis b’iad seo mic Dhaibhidh, a rugadh dha ann an Hebron: an ciad-ghin Amnon o Ahinoam a’ Bhan-Iesreelach: an dara mac, Daniel o Abigail a’ Bhan-Charmeleach:

Agus dh’innis Hàman do Sheres a bhean, agus da chàirdean uile, gach nì a thachair dha. Agus thubhairt a dhaoine glice agus Seres a bhean ris, Mas ann de shliochd nan Iùdhach Mordecai, ron do thòisich thu air tuiteam, cha bhuadhaich thu na aghaidh, ach gun teagamh tuitidh tu roimhe.

Oir bha Mordecai mòr ann an taigh an rìgh, agus chaidh a iomradh a‑mach air feadh nam mòr-roinn uile; oir dh’fhàs an duine seo Mordecai na bu mhò agus na bu mhò.

Agus cumaidh an duine cothromach a shlighe; agus gheibh esan a tha glan na làmhan tuilleadh neirt.

Ged bhiodh do thùs beag, dh’fhàsadh do chrìoch gu mòr.

Shaor thu mi o chòmhstri an t‑sluaigh; rinn thu mi am cheann air na cinnich; nì sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh.

Caisgidh e an cogadh gu iomall na talmhainn; brisidh e am bogha, agus gearraidh e an t‑sleagh; na carbadan-cogaidh loisgidh e le teine.

Imichidh iad o neart gu neart; nochdar gach aon dhiubh an làthair Dhè ann an Sion.

Oir tha an fheòil a’ miannachadh an aghaidh an Spioraid, agus an Spiorad an aghaidh na feòla: agus tha iad sin an aghaidh a chèile; ionnas nach faigh sibh na nithean a bu mhiann leibh a dhèanamh.

Oir chan eil sinn a’ gleac ri fuil agus feòil, ach ri uachdaranachdan, ri cumhachdan, ri riaghlairean dorchadas an t‑saoghail seo, ri aingidheachd spioradail ann an ionadan àrda.

Agus chunnaic mi, agus, feuch, each geal; agus bha aig an tì a shuidh air, bogha: agus thugadh dha crùn, agus chaidh e a‑mach a’ buadhachadh, agus a‑chum gum buadhaicheadh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan