Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 24:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig iad gu daingneach Thìruis, agus gu uile bhailtean nan Hibheach, agus nan Canàanach; agus chaidh iad a‑mach don taobh mu dheas de Iùdah, gu Beersèba.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Oir thubhairt an rìgh ri Ioab, ceannard an t‑slòigh, a bha maille ris, Imich a‑nis air feadh uile threubhan Israeil, o Dhan eadhon gu Beersèba, agus gabh àireamh an t‑sluaigh, a‑chum gum bi fios àireamh an t‑sluaigh agam.

Agus nuair a chaidh iad air feadh na tìre uile, thàinig iad gu Ierusalem an ceann naoi mìosan agus fichead là.

Ged thog Tìrus dhi fhèin daingneach làidir, agus ged chàrn i suas airgead mar an duslach, agus òr fìorghlan mar pholl nan sràidean;

Agus a dh’ionnsaigh a’ Chanàanaich air an làimh an ear agus an làimh an iar, agus a dh’ionnsaigh an Amoraich agus an Hitich, agus a’ Pheridsich, agus an Iebusaich anns na beanntan, agus a dh’ionnsaigh an Hibhich fo Hermon, ann an tìr Mhispeh.

Agus Hebron, agus Rehob, agus Hamon, agus Canah, eadhon gu Sìdon mòr:

Agus an sin tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Ramah, agus gus am mòr-bhaile daingnichte Tìrus, agus tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Hosah; agus tha a dol a‑mach aig an fhairge on oirthir gu Achsib;

Agus nuair a chuala na rìghrean uile a bha air an taobh seo de Iòrdan, anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard, agus ann an uile oirthir na fairge mòire thall fa chomhair Lebanoin, an t‑Hiteach, agus an t‑Amorach, an Canàanach, am Peridseach, an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach seo:

Agus thubhairt fir Israeil ris na Hibhich, Theagamh gu bheil sibh a chòmhnaidh nar measg, agus cionnas a dh’fhaodas sinne coicheangal a dhèanamh ribh?

Eadhon còig tighearnan nam Philisteach, agus na Canàanaich uile, agus na Sìdonaich, agus na Hibhich a bha a chòmhnaidh ann an sliabh Lebanoin, o shliabh Bhàal-hermoin gu dol a‑steach Hamait.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan