Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 24:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thàinig iad gu Gilead, agus gu fearann ìochdarach Hodsi; agus thàinig iad gu Dan-iaan, agus mun cuairt gu Sìdon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus ghin Canàan Sìdon a chiad-ghin, agus Het,

Agus theich e leis gach nì a bha aige; agus dh’èirich e suas, agus chaidh e thar an abhainn, agus chuir e a aghaidh ri sliabh Ghilead.

A‑nis bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro‑mhòran sprèidhe: agus nuair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch bha an t‑àite na àite sprèidhe:

Agus chaidh clann Mhachir mhic Mhanaseh do Ghilead, agus ghlac iad e, agus chuir iad à seilbh an t‑Amorach a bha ann.

Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot-maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò.

Agus Hebron, agus Rehob, agus Hamon, agus Canah, eadhon gu Sìdon mòr:

Agus chaidh crìoch chloinn Dhain a‑mach ro ghann dhaibh: uime sin chaidh clann Dhain suas agus chog iad an aghaidh Leseim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus shealbhaich iad e, agus ghabh iad còmhnaidh ann, agus thug iad Dan mar ainm air Lesem, a rèir ainm an athar Dan.

Cha mhò a dh’fhuadaich Aser a‑mach luchd-àiteachaidh Acho, no luchd-àiteachaidh Shìdoin, no Achlaib, no Achsib, no Helbah, no Aphic, no Rehoib:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan