Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 24:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh iad a‑null thar Iòrdan, agus champaich iad ann an Aroer, air taobh mu dheas a’ bhaile, a tha ann am meadhon abhainn Ghad, agus leth ri Iaser:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib, agus an aghaidh ceannardan an t‑slòigh, agus chaidh Ioab agus ceannardan an t‑slòigh a‑mach à fianais an rìgh, a ghabhail àireamh sluagh Israeil.

Tha bailtean Aroeir air an trèigsinn; bidh iad airson threud a laigheas sìos, agus cha bhi neach gam fuadachadh.

Agus chuir Maois daoine uaithe a ghabhail beachd air Iaser, agus ghlac iad a bhailtean, agus dh’fhògair iad a‑mach na h‑Amoraich a bha an sin.

A‑nis bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro‑mhòran sprèidhe: agus nuair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch bha an t‑àite na àite sprèidhe:

Atarot, agus Dibon, agus Iaser, agus Nimrah, agus Hesbon, agus Elealeh, agus Sèbam, agus Nebo, agus Beon;

Agus Atrot, Sophan, agus Iaser, agus Iogbehah,

O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus on bhaile a tha làimh ris an t‑sruth, eadhon gu Gilead, cha robh aon bhaile tuilleadh is làidir air ar son; thug an Tighearna ar Dia iad uile thairis dhuinn.

Agus bha an crìoch o Aroer a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus an còmhnard uile gu Medebah;

Agus b’i an crìoch Iaser, agus uile bhailtean Ghilead, agus leth fearann chloinn Amoin, gu Aroer a tha fa chomhair Rabah:

O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus còmhnard Mhedebah uile gu Dibon;

Agus dhaibhsan a bha ann an Aroer, agus dhaibhsan a bha ann an Siphmot, agus dhaibhsan a bha ann an Estemoa,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan