Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 24:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib, agus an aghaidh ceannardan an t‑slòigh, agus chaidh Ioab agus ceannardan an t‑slòigh a‑mach à fianais an rìgh, a ghabhail àireamh sluagh Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Ioab ris an rìgh, A‑nis gun cuireadh an Tighearna do Dhia ris an t‑sluagh (ge bè ciod an àireamh a tha ann dhiubh) fhathast a cheud uimhir, agus gum faiceadh sùilean mo thighearna an rìgh e; ach carson a tha mo thighearna an rìgh a’ gabhail tlachd anns an nì seo?

Agus chaidh iad a‑null thar Iòrdan, agus champaich iad ann an Aroer, air taobh mu dheas a’ bhaile, a tha ann am meadhon abhainn Ghad, agus leth ri Iaser:

Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib: uime sin dh’imich Ioab, agus chaidh e air feadh Israeil uile, agus thàinig e gu Ierusalem.

Ach bha eagal Dhè air na mnathan-glùine, agus cha do rinn iad mar a dh’àithn rìgh na h‑Eiphit dhaibh, ach ghlèidh iad a’ chlann-mhac beò.

Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad.

Far a bheil facal rìgh, tha cumhachd; agus cò a dh’fhaodas a ràdh ris, Ciod e sin a tha thu a’ dèanamh?

An sin fhreagair Peadar agus na h‑abstoil eile, agus thubhairt iad, Is còir gèill a thoirt do Dhia nas mò na do dhaoine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan