Agus thog Daibhidh an sin altair don Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairtean-loisgte, agus ìobairtean-sìth: agus bha an Tighearna rèidh ris an tìr, agus chaisgeadh a phlàigh o Israel.
Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.
Agus thàinig iad don àit a dh’innis Dia dha, agus thog Abrahàm altair an sin, agus chuir e am fiodh an òrdagh; agus cheangail e a mhac Isaac, agus chuir e air an altair e air uachdar an fhiodha.
Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Shauil, agus a mhic Ionatan, ann an tìr Bheniàmin ann an Selah, ann an àit-adhlacaidh Chis, a athair. Agus rinn iad gach nì a dh’àithn an rìgh: agus na dhèidh sin bha Dia rèidh ris an tìr.
Agus thubhairt Daibhidh ri Gad, Tha mi ann an teinn mhòir: tuiteamaid a‑nis ann an làimh an Tighearna, oir is lìonmhor a thròcairean, ach ann an làimh duine na tuiteam.
Agus thog Gideon altair an sin don Tighearna, agus thug e Iehòbhah-salom mar ainm oirre: gus an là‑an‑diugh tha i fhathast ann an Ophrah nan Abiesrach.
Agus ghabh Samuel uan deoghail, agus thug e suas e uile mar ìobairt-loisgte don Tighearna; agus ghlaodh Samuel ris an Tighearna airson Israeil, agus chuala an Tighearna e.