Cruinnichear ad ionnsaigh uile threudan Chedair; nì reitheachan Nebaioit frithealadh dhut; thèid iad suas, agus gabhar iad gu taitneach air m’altair; agus taigh mo ghlòire fhathast glòraichidh mi.
Tha iad ag ìobradh feòla mar thabhartas dhòmhsa, agus ga h‑ithe; ach cha ghabh an Tighearna riu: a‑nis cuimhnichidh e an aingidheachd, agus smachdaichidh e an lochdan: tillidh iad air an ais don Eiphit.
Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd.