Agus dh’amhairc Araunah, agus chunnaic e an rìgh agus a sheirbhisich a’ teachd air an aghaidh da ionnsaigh: agus chaidh Araunah a‑mach, agus chrom e e fhèin don rìgh air a aghaidh gu làr.
Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.
Agus air an treas là, feuch, thàinig duine as a’ champ o Shaul, agus a aodach reubte, agus ùir air a cheann: agus nuair a thàinig e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air an talamh, agus rinn e ùmhlachd.
Agus thubhairt Araunah, Carson a thàinig mo thighearna an rìgh a dh’ionnsaigh a sheirbhisich? Agus thubhairt Daibhidh, A cheannach uat an ùrlair-bhualaidh, a thogail altarach don Tighearna, a‑chum gun caisgear a’ phlàigh on t‑sluagh.
An sin thuit i air a h‑aghaidh, agus chrom i i fhèin gu làr, agus thubhairt i ris, Carson a fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, gun cuireadh tu eòlas orm, agus mi am bhan-choigrich?