Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 24:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh air an là sin, agus thubhairt e ris, Gabh suas, tog altair don Tighearna, ann an ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean.

Agus dh’èirich Daibhidh anns a’ mhadainn, agus thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh an fhàidh Gad, fear-seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh,

Agus chaidh Daibhidh suas, a rèir facal Ghad, mar a dh’àithn an Tighearna.

Agus thòisich Solamh air togail taigh an Tighearna ann an Ierusalem air sliabh Mhoriah, far an d’fhoillsicheadh an Tighearna do Dhaibhidh a athair, anns an àit a dh’ullaich Daibhidh ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

Agus bheir mi air falbh a fhuil as a bheul, agus a ghràinealachdan o eadar fhiaclan: ach an tì a mhaireas, bidh esan airson ar Dè‑ne, agus bidh e mar uachdaran ann an Iùdah, agus Ecron mar an t‑Iebusach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan