2 Samuel 24:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a chuir an t‑aingeal a‑mach làmh gu Ierusalem gu a sgrios, ghabh an Tighearna aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a sgrios an sluagh, Is leòr e: cùm a‑nis air do làimh. Agus bha aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach. Faic an caibideil |
Agus chuir an Tighearna aingeal uaithe, a sgrios na daoine comasach gaisgeil uile, agus na ceannardan, agus na h‑uachdarain ann an camp rìgh Asiria: uime sin thill e le nàire gnùise da thìr fhèin. Agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh a dhè, mharbh iadsan a thàinig a‑mach as a innibh fhèin e an sin leis a’ chlaidheamh.