Agus chuir an Tighearna plàigh air Israel, on mhadainn eadhon gu ruig an t‑àm suidhichte: agus bhàsaich den t‑sluagh o Dhan gu Beersèba deich agus trì-fichead mìle fear.
Oir thubhairt an rìgh ri Ioab, ceannard an t‑slòigh, a bha maille ris, Imich a‑nis air feadh uile threubhan Israeil, o Dhan eadhon gu Beersèba, agus gabh àireamh an t‑sluaigh, a‑chum gum bi fios àireamh an t‑sluaigh agam.
Thòisich Ioab mac Sheruiah air àireamh, ach cha do chrìochnaich e, a chionn gu robh air a shon seo fearg an aghaidh Israeil; cha mhò a chuireadh sìos an uimhir ann an àireamh eachdraidh rìgh Dhaibhidh.
Agus os cionn roinn an dara mìos bha Dodai an t‑Ahohach, agus air a roinn-san b’e Miclot am fear-riaghlaidh: agus na roinn-san mar an ceudna bha ceithir-mìle-fichead.
Agus chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach ceud agus ceithir-fichead agus còig mìle; agus nuair a dh’èirich daoine anns a’ mhadainn, bha iad sin uile nan cuirp mharbha.
O Thighearna, chuala mi do chainnt; bha eagal orm: O Thighearna, ath-bheothaich d’obair ann am meadhon nam bliadhnachan, ann am meadhon nam bliadhnachan dèan aithnichte; ann an corraich cuimhnich tròcair.
Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh gortan, agus plàighean, agus crithean-talmhainn ann am mòran àitean.
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh-san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh-bheathaichean na talmhainn.
Ach bhuail e daoine Bhet-semeis, a chionn gun do sheall iad air àirc an Tighearna; bhuail e eadhon den t‑sluagh trì-fichead agus deichnear fhear: agus rinn an sluagh caoidh, do bhrìgh gun do bhuail an Tighearna cuid den t‑sluagh le plàigh mhòir.