Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 24:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus dh’innis e dha, agus thubhairt e ris, An tig trì bliadhna gorta ort ann ad thìr? No an teich thu trì mìosan rod naimhdean, agus iad an tòir ort? No am bi trì làithean plàigh ann ad thìr? A‑nis smaoinich, agus faic ciod a fhreagras mi dhàsan a chuir uaithe mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus bha gorta ann an làithean Dhaibhidh, rè trì bliadhna, bliadhna an dèidh bliadhna. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, agus fhreagair an Tighearna, Is ann airson Shauil, agus airson a thaighe fhuileachdaich a tha i, a chionn gun do mharbh e na Gibeonaich.

Falbh agus abair ri Daibhidh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Tha mi a’ cur trì nithean fad chomhair: roghnaich dhut fhèin aon dhiubh, a‑chum gun dèan mi dhut e.

An sin labhair Elisa ris a’ mhnaoi, don d’ath-bheothaich e a mac, ag ràdh, Eirich, agus imich thusa agus do theaghlach, agus falbh air chuairt ge bè àit am faod thu a bhith air chuairt: oir ghairm an Tighearna air gorta, agus mar an ceudna thig i air an tìr rè seachd bliadhna.

Aon chuid trì bliadhna gorta; no a bhith trì mìosan a’ teicheadh rod naimhdean, agus claidheamh do naimhdean a’ breith ort; no trì làithean de chlaidheamh an Tighearna, eadhon den phlàigh, anns an fhearann, agus aingeal an Tighearna a’ sgrios air feadh uile chrìochan Israeil: a‑nis uime sin faic ciod a fhreagras mi dhàsan a chuir uaithe mi.

No na plàigh a ghluaiseas ann an dorchadas, no an sgrios a mhilleas mu mheadhon-là.

Agus choileanadh seachd làithean an dèidh don Tighearna an abhainn a bhualadh.

A mhic an duine, tràth pheacaicheas an tìr ann am aghaidh-sa le ciontachadh gu ro‑mhòr, an sin sìnidh mi a‑mach mo làmh oirre, agus brisidh mi lorg a h‑arain, agus cuiridh mi gort oirre, agus gearraidh mi uaipe duine agus ainmhidh.

Agus caithear ur spionnadh ann an dìomhanas; oir cha toir ur fearann a fhàs uaithe, cha mhò a bheir craobhan na tìre am meas uapa.

Agus bheir mi claidheamh oirbh a dhìolas cùis-ghearain mo choicheangail; agus nuair a chruinnichear sibh an ceann a chèile an taobh a‑staigh de ur bailtean, cuiridh mi a’ phlàigh nur measg; agus bheirear thairis sibh do làimh naimhdean.

Ach gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu robh mòran bhantrach ann an Israel an làithean Eliais, nuair a dhruideadh nèamh rè trì bliadhna agus sia mìosan, agus a bha gorta mhòr air feadh na tìre uile:

Buailidh an Tighearna thu le caitheamh agus le fiabhras, agus le ainteas, agus le àrd-losgadh, agus leis a’ chlaidheamh, agus le seargadh, agus le fuar-dhealt; agus leanaidh iad thu gus an tèid as dhut.

Bheir an Tighearna fa‑near gum buailear thu air beulaibh do naimhdean: thèid thu a‑mach air aon slighe nan aghaidh, agus teichidh tu romhpa air seachd slighean; agus atharraichear thu a‑chum uile rìoghachdan na talmhainn.

Buailidh an Tighearna thu le neasgaid na h‑Eiphit, agus le ruith fala, agus le càrr, agus le cloimh, de nach bi e an comas do leigheas.

Buailidh an Tighearna thu anns na glùinean, agus anns na casan, le neasgaid chràitich nach gabh a leigheas, o bhonn do choise gu mullach do chinn.

Agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan uile, gus am brisear sìos do bhallachan àrda agus daingnichte, anns an robh do dhòigh, air feadh d’fhearainn uile; agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan, air feadh d’fhearainn uile a thug an Tighearna do Dhia dhut.

A‑nis, air an adhbhar sin biodh fhios agad agus smaoinich ciod a nì thu; oir shònraicheadh olc an aghaidh ar maighistir, agus an aghaidh a thaighe uile: agus is mac do Bhelial esan, air chor is nach faod neach labhairt ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan