Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 24:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Falbh agus abair ri Daibhidh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Tha mi a’ cur trì nithean fad chomhair: roghnaich dhut fhèin aon dhiubh, a‑chum gun dèan mi dhut e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, a chionn leis a’ ghnìomh seo gun tug thu air naimhdean an Tighearna mòr-thàir a dhèanamh air, gheibh mar an ceudna am mac a rugadh dhut gu cinnteach bàs.

Agus dh’èirich Daibhidh anns a’ mhadainn, agus thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh an fhàidh Gad, fear-seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh,

Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus dh’innis e dha, agus thubhairt e ris, An tig trì bliadhna gorta ort ann ad thìr? No an teich thu trì mìosan rod naimhdean, agus iad an tòir ort? No am bi trì làithean plàigh ann ad thìr? A‑nis smaoinich, agus faic ciod a fhreagras mi dhàsan a chuir uaithe mi.

Thòisich Ioab mac Sheruiah air àireamh, ach cha do chrìochnaich e, a chionn gu robh air a shon seo fearg an aghaidh Israeil; cha mhò a chuireadh sìos an uimhir ann an àireamh eachdraidh rìgh Dhaibhidh.

Oir esan as toigh leis an Tighearna smachdaichidh e, mar a smachdaicheas athair am mac anns a bheil a thlachd.

Oir tha mise maille riut, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh: ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus cha leig mi as thu gu h‑iomlan o pheanas.

Agus gun do ghluais mise mar an ceudna nan aghaidh-san, agus gun tug mi iad do dhùthaich an naimhdean; ma bhios an sin an cridhe neo-thimcheall-gheàrrte air irioslachadh, air chor is gun gabh iad ri peanas an aingidheachd:

Trèigear mar an ceudna am fearann leo, agus mealaidh e a shàbaidean, am feadh is a tha e na laighe fàs as an eugmhais; agus gabhaidh iad ri peanas an aingidheachd; a chionn, eadhon a chionn gun do rinn iad tàir air mo bhreitheanais, agus a chionn gun do ghabh an anam gràin dem reachdan.

A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan