Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 24:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich Daibhidh anns a’ mhadainn, agus thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh an fhàidh Gad, fear-seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus chuir an Tighearna Nàtan a dh’ionnsaigh Dhaibhidh; agus nuair a thàinig e da ionnsaigh, thubhairt e ris, Bha dithis fhear ann an aon bhaile, fear dhiubh beartach, agus am fear eile bochd.

Falbh agus abair ri Daibhidh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Tha mi a’ cur trì nithean fad chomhair: roghnaich dhut fhèin aon dhiubh, a‑chum gun dèan mi dhut e.

Agus nuair a bha Asubah marbh, ghabh Càleb da ionnsaigh Ephrat, a rug Hur dha.

Agus labhair an Tighearna ri Gad, fear-seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh,

B’iad sin uile mic Hemain, fear-seallaidh an rìgh, ann am briathran Dhè, a‑chum an adharc a thogail suas. Agus thug Dia do Heman ceithir-mic-dheug agus trì nigheanan.

A‑nis gnìomharan Dhaibhidh an rìgh, eadar thoiseach agus dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar Shamueil am fear-seallaidh, agus ann an leabhar Nàtain am fàidh agus ann an leabhar Ghad am fear-seallaidh,

Agus chuir e na Lèbhithich ann an taigh an Tighearna le ciombalan, le saltairean, agus le clàrsaichean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Ghaid, fear-seallaidh an rìgh, agus Nàtain am fàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh a fhàidhean.

Agus thubhairt am fàidh Gad ri Daibhidh, Na fan anns an daingneach; falbh, agus imich romhad gu tìr Iùdah. An sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thàinig e gu coillteach Hareit.

(O shean ann an Israel, nuair a rachadh duine a dh’fhiosrachadh de Dhia, mar seo labhradh e: Thigibh, agus rachamaid a dh’ionnsaigh an fhir-sheallaidh; oir esan ris an abrar a‑nis fàidh, o shean theirte fear-seallaidh ris.)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan