Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 24:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑rìs las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh nan aghaidh, ag ràdh, Falbh, gabh àireamh Israeil agus Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis na biodh doilgheas oirbh, no corraich agaibh ribh fhèin, a chionn gun do reic sibh mise an seo; oir chuir Dia romhaibh mi, gu sibhse a ghleidheadh beò:

Agus dur taobh-se, shònraich sibh olc am aghaidh; ach shònraich Dia sin a‑chum maith, a‑chum, mar air an là‑an‑diugh, gun tèarnadh e mòr-shluagh beò.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, togaidh mise suas olc ann ad aghaidh as do thaigh fhèin; agus gabhaidh mi do mhnathan fa chomhair do shùl, agus bheir mi iad dod choimhearsnach, agus laighidh e led mhnathan ann an sealladh na grèine seo:

Agus thubhairt an rìgh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah? Leigibh leis mallachadh, a chionn gun dubhairt an Tighearna ris, Mallaich Daibhidh: agus cò a their, Carson a rinn thu mar seo?

Agus chaidh rìgh Iehoram a‑mach air an là sin à Samaria, agus dh’àireamh e Israel uile.

Agus sheas Sàtan suas an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh gu Israel àireamh.

Agus mic Thola: Udsi, agus Rephaiad, agus Ieriel, agus Iahmai, agus Ibsam, agus Semuel, cinn-taighe an athraichean, eadhon Tola: daoine treuna nan ginealaichean dom b’àireamh ann an làithean Dhaibhidh dà‑mhìle-ar‑fhichead agus sia ceud.

B’iad sin uile mic Aseir, cinn-taighe an athraichean, daoine taghte, treun ann an neart, rogha nan uachdaran. Agus nuair a dh’àirmheadh iad a rèir an ginealaichean a‑chum cogaidh agus catha, b’e an àireamh sia-mìle-fichead fear.

Ach cha d’ìoc Heseciah a‑rìs a rèir mar a bhuilicheadh air: oir thogadh a chridhe suas: agus bha fearg ris, agus ri Iùdah agus Ierusalem.

Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus nì mi mo chomharraidhean agus m’iongantasan lìonmhor ann an tìr na h‑Eiphit.

Agus ma bhios am fàidh air a mhealladh an tràth a labhair e nì, is mise an Tighearna a mheall am fàidh sin; agus sìnidh mi mo làmh a‑mach air, agus sgriosaidh mi e o mheadhon mo phobaill Israeil.

Uime sin thug mi dhaibh fòs reachdan nach robh math, agus breitheanais leis nach biodh iad beò.

Agus thubhairt Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic, Na rùisgibh ur cinn, agus na reubaibh ur n‑aodach, air eagal gum faigh sibh bàs, agus air eagal gun tig fearg air an t‑sluagh uile; ach dèanadh ur bràithrean, taigh Israeil uile, tuireadh airson an losgaidh a las an Tighearna.

Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an àireamh ann am fàsach Shinài.

A dhèanamh gach nì a ro‑òrdaich do làmh agus do chomhairle a bhith air a dhèanamh.

Agus air a shon seo cuiridh Dia treun-obrachadh meallaidh dan ionnsaigh, ionnas gun creid iad a’ bhreug:

Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean a chreach iad, agus reic e iad do làimh an naimhdean mun cuairt, air chor is nach b’urrainn iad na b’fhaide seasamh an làthair an naimhdean.

Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil; agus thubhairt e, A chionn gun do bhris an sluagh seo mo choicheangal a dh’àithn mi dan athraichean, agus nach d’èisd iad rim ghuth,

A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan