Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 23:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is iad seo ainmean nan daoine treuna a bha aig Daibhidh: Iasobeam, mac Hachmoni, na cheann air triùir; thog esan a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbhadh leis anns an aon àm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuala Daibhidh sin, chuir e a‑mach Ioab, agus uile shluagh nan daoine treuna.

Ach cha robh Sadoc an sagart, agus Benaiah mac Iehoiada, agus Nàtan am fàidh, agus Simei, agus Rei, agus na fir threuna, a bhuineadh do Dhaibhidh, maille ri Adoniah.

Agus is iad seo rogha nan daoine treuna a bha aig Daibhidh, a neartaich iad fhèin leis na rìoghachd, agus le Israel uile, gu rìgh a dhèanamh dheth, a rèir facal an Tighearna mu thimcheall Israeil.

A‑nis bha clann Israeil, a rèir an àireimh, eadhon cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus an luchd-riaghlaidh, a’ frithealadh don rìgh anns gach cùis a bhuineadh do na roinnean, a bha a’ teachd a‑steach agus a’ dol a‑mach mìos air mhìos air feadh uile mhìosan na bliadhna: anns gach roinn bha ceithir-mìle-fichead fear.

Os cionn na ciad roinne, fa chomhair a’ chiad mhìos, bha Iasobeam mac Shabdieil: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

Mar an ceudna bha Ionatan, bràthair-athar Dhaibhidh na chomhairleach, na dhuine glic, agus na sgrìobhaiche: agus bha Ieheil mac Hachmoni maille ri mic an rìgh.

Agus fhuair e cnàimh-peircill ùr asail, agus chuir e a‑mach a làmh, agus ghlac e e, agus bhuail e leis mìle fear.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan