Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 23:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach am fear a bheanas riu, dìonar e le iarann, agus le crann sleagha; agus le teine loisgear gu tur iad far am fàs iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

An toradh sgriosaidh tu on talamh, agus an sliochd o chloinn nan daoine.

Annamsa chan eil dian-chorraich. Cò a chuireadh an droigheann agus an dris am aghaidh anns a’ chath? Rachainn tromhpa, loisginn iad le chèile.

Agus bidh na slòigh mar aol air a losgadh; mar dhroigheann air a ghearradh sìos, loisgear iad anns an teine.

Agus thusa, a mhic an duine, na biodh eagal ort romhpa, agus na biodh fiamh ort ro am briathran, ged tha drisean agus droigheann mun cuairt dhut, agus do chòmhnaidh am measg nathraichean nimhe: na biodh eagal ort ro am briathran, cha mhò a bhios geilt ort ro an gnùis, ged is taigh ceannairceach iad.

Leigibh leo fàs araon gus an tig am fogharadh: agus ann an àm an fhogharaidh their mise ris an luchd-buana, Cruinnichibh air tùs an cogal, agus ceanglaibh e na cheanglachain a‑chum a losgaidh: ach cruinnichibh an cruithneachd dom shabhal.

Agus tilgidh iad iad anns an àmhainn air dearg-lasadh: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

Agus bha fuath aig muinntir a dhùthcha dha, agus chuir iad teachdaireachd na dhèidh, ag ràdh, Chan àill leinn an duine seo a bhith na rìgh oirnn.

Ach thugaibh an seo na naimhdean ud agamsa, leis nach b’àill mise a bhith am rìgh os an cionn, agus marbhaibh am fhianais iad.

Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeadh a‑mach mar ghèig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad anns an teine iad, agus loisgear iad.

Ann an teine lasrach, a’ dèanamh dìoghaltais air an dream aig nach eil eòlas air Dia, agus nach eil umhail do shoisgeul ar Tighearna Iosa Crìosd:

Agus an sin foillsichear an t‑aingidh sin, a chlaoidheas an Tighearna le anail a bheòil fhèin, agus don cur e as le dealradh a theachd:

Ach an talamh sin a bheir uaithe droigheann agus drisean, tha e air a chur air cùl, agus fagas do mhallachadh; don deireadh a bhith air a losgadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan