Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 23:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach bidh mic Bheliail uile mar dhroigheann a thilgear air falbh, a chionn nach glacar le làimh iad:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus droigheann agus cluarain bheir e a‑mach dhut, agus ithidh tu luibh na machrach;

Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.

Mar lilidh am measg droighnich is amhail mo ghràdh-sa am measg nan nighean.

Annamsa chan eil dian-chorraich. Cò a chuireadh an droigheann agus an dris am aghaidh anns a’ chath? Rachainn tromhpa, loisginn iad le chèile.

Agus bidh na slòigh mar aol air a losgadh; mar dhroigheann air a ghearradh sìos, loisgear iad anns an teine.

Agus thusa, a mhic an duine, na biodh eagal ort romhpa, agus na biodh fiamh ort ro am briathran, ged tha drisean agus droigheann mun cuairt dhut, agus do chòmhnaidh am measg nathraichean nimhe: na biodh eagal ort ro am briathran, cha mhò a bhios geilt ort ro an gnùis, ged is taigh ceannairceach iad.

Tha an tì as fheàrr dhiubh mar dhris: tha an tì as ionraice nam measg mar phris dhroighinn: is i seo là do luchd-faire; tha do smachdachadh air teachd; a‑nis bidh iad ann an imcheist.

Oir am feadh a tha iad air am filleadh na chèile mar sgitheach, agus mar gum b’ann air mhisg lem fìon, caithear iad mar asbhuain làn-thioram.

Cuiridh Mac an Duine aingil uaithe, agus tionailidh iad as a rìoghachd na h‑uile nithean a bheir oilbheum, agus iadsan a tha a’ dèanamh aingidheachd;

Chaidh daoine àraidh, clann Bheliail, a‑mach as ur measg, agus bhuair iad luchd-àiteachaidh am baile, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhuibh;

A‑nis bu mhic do Bhelial mic Eli; cha b’aithne dhaibh an Tighearna.

A‑nis, air an adhbhar sin biodh fhios agad agus smaoinich ciod a nì thu; oir shònraicheadh olc an aghaidh ar maighistir, agus an aghaidh a thaighe uile: agus is mac do Bhelial esan, air chor is nach faod neach labhairt ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan