Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 23:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ged nach eil mo thaigh mar sin aig Dia, gidheadh rinn e coicheangal sìorraidh riumsa, air a shuidheachadh anns gach nì, agus a choimheadar: oir is e seo mo shlàinte uile, agus mo mhiann uile, ged nach eil e a’ toirt air fàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

41 Iomraidhean Croise  

Agus bidh am bogha anns an neul; agus amhaircidh mi air, a‑chum is gun cuimhnich mi an coicheangal sìorraidh eadar Dia agus gach creutair beò den uile fheòil a tha air an talamh.

A‑nis uime sin cha dealaich an claidheamh rid thaigh gu bràth, do bhrìgh gun do rinn thu tàir orm, agus gun do ghabh thu bean Uriah an t‑Hiteach gu bhith na mnaoi dhut fhèin.

Gidheadh, chan èisdeadh esan ra guth; ach a chionn gum bu treasa e na ise, dh’èignich e i, agus laigh e leatha.

A‑nis dh’àithn Absalom da òglaich, ag ràdh, Thugaibh fa‑near a‑nis nuair a bhios cridhe Amnoin subhach le fìon, agus nuair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? Bithibh misneachail, agus bithibh treun.

An sin thubhairt Ioab, Chan fhaod mise fuireach mar seo maille riut. Agus ghabh e trì gathan na làimh, agus shàth e iad an cridhe Absaloim, nuair a bha e fhathast beò ann am meadhon na craoibhe daraich.

Agus nuair a choileanar do làithean, agus a chaidleas tu maille rid athraichean, togaidh mi suas do shliochd ad dhèidh, a thig a‑mach à d’innibh; agus daingnichidh mi a rìoghachd.

An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo?

An sin dh’àrdaich Adoniah mac Hagit e fhèin, ag ràdh, Rìoghaichidh mise: agus dh’ullaich e dha fhèin carbadan, agus marc-shluagh, agus lethcheud fear a ruith roimhe.

Agus ma dh’èisdeas tu ris na h‑uile nithean a dh’àithneas mise dhut, agus gun gluais thu ann am shlighean, agus gun dèan thu an nì a tha ceart am shùilean, a ghleidheadh mo reachdan agus m’àitheantan, mar a rinn Daibhidh m’òglach: an sin bidh mise maille riut, agus togaidh mi dhut taigh daingeann, mar a thog mi do Dhaibhidh, agus bheir mi Israel dhut.

Agus labhair e riu a rèir comhairle nan daoine òga, ag ràdh, Dh’antromaich m’athair ur cuing, agus cuiridh mise ri ur cuing: smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.

Chuir e saorsa a dh’ionnsaigh a shluaigh; dh’àithn e a choicheangal gu bràth; is naomh agus urramach a ainm-san.

Tha m’anam air a chlaoidh le dèidh air do shlàinte; ann ad fhacal chuir mi mo dhòchas.

Aon nì ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhith am chòmhnaidh ann an taigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, a‑chum gum faicinn maise an Tighearna, agus gum fiosraichinn na theampall;

Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear gu mòr mi.

Rinn mi coicheangal rim Aon taghte; mhionnaich mi do Dhaibhidh, m’òglach,

Agus thig geug a‑mach o bhonn Iese, agus fàsaidh faillean suas as a fhreumhan.

Bheir e orrasan a thig o Iàcob freumhachadh; brisidh Israel a‑mach, agus thig e fo bhlàth; agus lìonaidh e aghaidh an t‑saoghail le toradh.

Anns an là sin bidh meangan an Tighearna sgiamhach agus glòrmhor, agus toradh an fhearainn òirdheirc agus maiseach, dhaibhsan a thèid as de Israel.

Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.

Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh-sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.

Oir is mise an Tighearna, leis an ionmhainn breitheanas; is beag orm ainneart airson tabhartais-loisgte; agus cuiridh mi air a h‑aghaidh an obair ann am fìrinn; agus coicheangal sìorraidh nì mi riu.

Air an adhbhar sin, bheir an Tighearna fhèin comharradh dhuibh; Feuch, bidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Imanuel mar ainm air.

Agus nì mi riu coicheangal sìorraidh, nach till mi air falbh uapa, a‑chum math a dhèanamh dhaibh; agus cuiridh mi m’eagal nan cridhe, a‑chum nach dealaich iad rium.

An sin fòs faodar mo choicheangal-sa ri Daibhidh m’òglach a bhriseadh, gun mhac a bhith aige gu riaghladh air a rìgh-chathair; agus ris na Lèbhithich, na sagartan, mo luchd-frithealaidh.

A thuilleadh air seo nì mise coicheangal sìthe riu; bidh e na choicheangal sìorraidh riu, agus suidhichidh mi iad, agus nì mi lìonmhor iad, agus cuiridh mi mo naomh-ionad nam meadhon gu bràth.

Anns an là sin togaidh mise suas pàillean Dhaibhidh a tha air tuiteam, agus dùinidh mi suas a bheàrnan; agus togaidh mi suas a làraichean, agus cuiridh mi suas e mar anns na làithean o shean:

Agus mar dhearbhadh gun do thog e suas e o na mairbh, gun e a thilleadh air ais tuilleadh a‑chum truaillidheachd, thubhairt e mar seo, Bheir mise dhuibh tròcairean cinnteach Dhaibhidh.

A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe, a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Iosa, àrd-bhuachaille nan caorach, tre fhuil a’ choicheangail shìorraidh,

Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.

Agus togaidh mi suas dhomh fhèin sagart dìleas, a nì mar a tha e ann am chridhe, agus ann am inntinn; agus togaidh mi dha taigh seasmhach, agus imichidh e am fianais m ’aoin ungte gu bràth.

Maith, guidheam ort, cionta do bhanoglaich; oir nì an Tighearna gu cinnteach taigh seasmhach dom thighearna, do bhrìgh gu bheil mo thighearna a’ cur chathan an Tighearna, agus nach d’fhuaireadh olc annad o thùs do làithean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan