Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 23:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thubhairt Dia Israeil, labhair carraig Israeil riumsa: Bidh esan a riaghlas os cionn dhaoine cearta a’ riaghladh ann an eagal Dhè:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus chuir e suas altair an sin, agus thug e El‑Elohe-Israel mar ainm oirre.

Oir cò as Dia ann ach an Tighearna? Agus cò as carraig ann ach ar Dia-ne?

Agus rìghich Daibhidh air Israel uile; agus rinn Daibhidh breitheanas agus ceartas da shluagh uile.

Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a ghabh tlachd annad gud chur air rìgh-chathair Israeil: a chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna do Israel gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.

Os bàrr, on là air an tugadh òrdagh dhomh mi a bhith am uachdaran orra ann an tìr Iùdah, on fhicheadamh bliadhna, eadhon gus an dara-bliadhna-deug ar fhichead de Artacsercses an rìgh, dà‑bhliadhna-dheug, cha d’ith mise no mo bhràithrean aran an uachdarain.

An riaghail esan fhèin aig a bheil fuath do cheartas? Agus an dìt thu esan as ro‑cheirte?

Slat-shuaicheantais do chumhachd cuiridh an Tighearna a‑mach à Sion; bi thusa ad uachdaran am meadhon do naimhdean.

Their mi ri Dia mo charraig, Carson a dhìochuimhnich thu mi? Carson a tha mi a’ triall gu dubhach airson fòirneart an eascaraid?

A Dhè, thoir do bhreitheanais don rìgh, agus d’fhìreantachd do mhac an rìgh.

Bheir esan breith air do shluagh le fìreantachd, agus air do bhochdan le ceartas.

Agus taghaidh tu a‑mach as an t‑sluagh uile daoine foghainteach air am bi eagal Dhè, daoine fìrinneach, a dh’fhuathaicheas sannt; agus cuiridh tu iad os an cionn nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear.

Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

Agus thubhairt Dia a thuilleadh air seo ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, mise dur n‑ionnsaigh: is e seo m’ainm, a‑chaoidh; agus is e seo mo chuimhneachan do gach uile ghinealach.

Fosgail do bheul, thoir breith le ceartas, tagair cùis an truaghain agus an fheumaich.

Feuch, rìoghaichidh rìgh ann am fìreantachd, agus riaghlaidh uachdarain ann am breitheanas.

Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an tog mise suas do Dhaibhidh meanglan fìrinneach, agus rìoghaichidh rìgh, agus soirbhichidh leis; agus cuiridh e an gnìomh breitheanas agus ceartas air an talamh.

Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.

Is esan a’ charraig, tha a obair iomlan; oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan.

Ach ris a’ Mhac tha e ag ràdh, Tha do rìgh-chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal; is slat-rìoghail ro‑chothromach slat do rìoghachd-sa:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan