Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 23:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha Asahel bràthair Ioaib am measg an deich-ar‑fichead, Elhanan mac Dhodo, o Bhetlehem,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Ioab mac Sheruiah agus seirbhisich Dhaibhidh a‑mach, agus choinnich iad a chèile aig lochan Ghibeoin: agus shuidh iad sìos, iad seo air aon taobh den lochan, agus iad siud air an taobh eile den lochan.

Agus bha trì mic Sheruiah an sin, Ioab, agus Abisai, agus Asahel: agus bha Asahel cho luath da chois ri boc-earba na machrach.

Agus bha a‑rìs cath ann an Gob ris na Philistich: agus bhuail Elhanan, mac Iare-oregim, Lahmi, bràthair Gholiath an Giteach; agus bha crann a shleagha mar gharmain figheadair.

Den triùir b’e a b’urramaiche, ach cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir: agus chuir Daibhidh e os cionn a fhreiceadain.

Mar an ceudna b’iad daoine treuna nan armailt, Asahel bràthair Ioaib, Elhanan mac Dhodo o Bhetlehem,

B’e an ceathramh ceannard, fa chomhair a’ cheathramh mìos, Asahel bràthair Ioaib, agus Sebadiah a mhac na dhèidh: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan