Agus chaidh a‑mach na dhèidh fir Ioaib, agus na Ceretich, agus na Peletich, agus na fir threuna uile: agus chaidh iad a‑mach à Ierusalem, a dhol air tòir Shèba mac Bhichri.
Agus Benaiah mac Iehoiada, mac duine gaisgeil, o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic an àm sneachda.
Agus mharbh e Eiphiteach, duine comharraichte: agus ann an làimh an Eiphitich bha sleagh; ach chaidh esan sìos da ionnsaigh le luirg, agus spìon e an t‑sleagh à làimh an Eiphitich agus mharbh e le a shleagh fhèin e.