Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 23:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus Benaiah mac Iehoiada, mac duine gaisgeil, o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic an àm sneachda.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

A‑nis bha Ioab os cionn armailtean Israeil uile: agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach, agus os cionn nam Peleteach:

Agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach agus nam Peleteach: agus bha mic Dhaibhidh nan àrd uachdarain.

Agus b’iad na bailtean a b’fhaide a‑mach, le treubh chloinn Iùdah, leth ri crìch Edoim mu dheas, Cabseel, agus Eder, agus Iagur,

An sin dh’àithn an rìgh do Bhenaiah mac Iehoiada; agus chaidh e a‑mach, agus bhuail e air, agus fhuair e bàs. Agus dhaingnicheadh an rìoghachd ann an làimh Sholaimh.

Agus chaidh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada, agus na Ceretich, agus na Peletich sìos, agus thug iad air Solamh marcachd air muileid rìgh Daibhidh; agus thug iad e gu Gihon.

Ach dhòmhsa, eadhon dhòmhsa do sheirbhiseach, agus do Shadoc an sagart, agus do Bhenaiah mac Iehoiada, agus dod òglach Solamh cha tug e cuireadh.

Ach cha robh Sadoc an sagart, agus Benaiah mac Iehoiada, agus Nàtan am fàidh, agus Simei, agus Rei, agus na fir threuna, a bhuineadh do Dhaibhidh, maille ri Adoniah.

An sin bidh uamhann air cinn-fheadhna Edoim, thig geilt-chrith air daoine treuna Mhòaib; leaghaidh air falbh luchd-àiteachaidh Chanàain uile.

Agus de na Gadaich chaidh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, don daingneach anns an fhàsach, daoine treuna, fir-chogaidh iomchaidh a‑chum catha, dom b’aithne sgiath agus targaid a làimhseachadh, aig an robh an gnùisean mar ghnùisean leòmhann, agus iad cho luath ris na h‑èildean air na beanntan;

Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treasa iad na leòmhainn.

Agus Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach, agus nam Peleteach. Agus b’iad mic Dhaibhidh a bu mhò inbhe mu thimcheall an rìgh.

Den triùir nach b’e a b’urramaiche? Uime sin bha e na cheannard orra: gidheadh, cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir.

Agus mharbh e Eiphiteach, duine comharraichte: agus ann an làimh an Eiphitich bha sleagh; ach chaidh esan sìos da ionnsaigh le luirg, agus spìon e an t‑sleagh à làimh an Eiphitich agus mharbh e le a shleagh fhèin e.

Na nithean sin rinn Benaiah mac Iehoiada; agus bha ainm aige am measg triùir dhaoine treuna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan