Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 23:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Guma fada uamsa, a Thighearna, seo a dhèanamh: an òlainn-sa fuil nan daoine a chaidh ann an cunnart an anama? Uime sin cha b’àill leis òl dheth. Na nithean sin rinn an triùir dhaoine treuna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa seo: ach an duine aig an d’fhuaireadh an cupan, bidh esan na sheirbhiseach agamsa; agus dur taobh-se, rachaibh suas ann an sìth a dh’ionnsaigh ur n‑athar.

Ach feòil maille ra beatha, eadhon a fuil, chan ith sibh.

Agus fhreagair Ioab agus thubhairt e, Guma fada, fada sin uamsa, gun sluiginn suas, no gun sgriosainn.

Agus thubhairt Nàbot ri Ahab, Nar leigeadh Dia dhòmhsa gun tugainn oighreachd m’athraichean dhutsa.

Agus thubhairt e, Nar leigeadh mo Dhia dhomh gun dèanainn an nì seo: an òlainn-sa fuil nan daoine seo a chuir an anaman ann an cunnart? Oir le cunnart an anaman thug iad leo e: uime sin chan òladh e dheth. Na nithean sin rinn an triùir dhaoine treuna.

O fhoill agus o fhòirneart saoraidh e an anam, agus bidh am fuil luachmhor na shùilean.

Agus ge bè duine de thaigh Israeil no de na coigrich a tha air chuairt nur measg, a dh’itheas gnè sam bith fala; cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin a dh’itheas fuil, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.

Oir is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran a‑chum maitheanas pheacaidhean.

Agus thubhairt e riu, Is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran.

Agus carson a tha sinne an gàbhadh gach uair?

Bu shluagh Sebulun agus Naphtali a chuir an anaman ann an cunnart gu bàs ann an àitean àrda an fhearainn.

Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.

Nar leigeadh an Tighearna gun sìninn-sa a‑mach mo làmh an aghaidh aon ungte an Tighearna: ach a‑nis gabh, guidheam ort, an t‑sleagh a tha aig a cheann-adhairt agus an soitheach uisge, agus bitheamaid ag imeachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan