Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 23:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhris an triùir dhaoine treuna a‑steach tro fheachd nam Philisteach, agus tharraing iad uisge à tobar Bhetlehem, a bha làimh ris a’ gheata, agus ghabh iad e, agus thug iad leo e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh: gidheadh cha b’àill leis òl dheth, ach thaom e a‑mach e don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Iàcob suas carragh anns an àit anns an do labhair e ris, carragh cloiche, agus dhòirt e tabhartas-dibhe air, agus dhòirt e ola air.

Agus na dhèidh-san bha Eleàsar mac Dhodo an t‑Ahohach, aon den triùir dhaoine treuna a bha maille ri Daibhidh, nuair a thug iad dùbhlan do na Philistich a chruinnicheadh an sin gu cath, agus a dh’imich fir Israeil romhpa.

Agus bhris an triùir tro fheachd nam Philisteach, agus tharraing iad uisge à tobar Bhetlehem a bha aig a’ gheata agus ghabh iad e, agus thug iad e gu Daibhidh: ach chan òladh Daibhidh e, ach thaom e a‑mach e don Tighearna.

Agus ma bhuadhaicheas aon air, seasaidh dithis na aghaidh; agus cha bhrisear còrd thrì dual gu h‑obann.

Eirich, glaodh gu h‑àrd anns an oidhche: ann an tùs na faire dòirt a‑mach do chridhe mar uisge fa chomhair gnùis Iehòbhah: tog suas do làmhan da ionnsaigh airson anam do chloinne òige, a tha a’ fàilneachadh le acras aig ceann gach aon sràide.

Agus is i a tabhartas-dibhe an ceathramh earrann de hin airson aon uain: anns an ionad naomh bheir thu fa‑near fìon làidir a dhòrtadh don Tighearna mar thabhartas-dibhe.

Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.

Oir is gann a dh’fhuilingeas duine bàs airson duine chothromaich; ach theagamh gum biodh aig neach-eigin de mhisnich eadhon bàs fhulang airson duine mhaith.

Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh:

Seadh agus ma dh’ìobrar mi air ìobairt agus seirbhis fhollaiseach ur creidimh-se, tha aoibhneas orm, agus tha mi a’ dèanamh gàirdeachais maille ribhse uile.

Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar?

Agus chruinnich iad an ceann a chèile gu Mispeh, agus tharraing iad uisge, agus dhòirt iad a‑mach e an làthair an Tighearna, agus thraisg iad air an là sin, agus thubhairt iad an sin, Pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna. Agus thug Samuel breith air cloinn Israeil ann am Mispeh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan