Ach nuair a chuala na Philistich gun d’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, thàinig na Philistich uile a‑nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh; agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e sìos don daingneach.
Na dhèidh sin thig thu gu cnoc Dhè, far a bheil freiceadain nam Philisteach: agus tàrlaidh, nuair a thig thu an sin don bhaile, gun coinnich thu cuideachd fhàidhean a’ teachd a‑nuas on ionad àrd, le saltair, agus tiompan, agus pìob, agus clàrsach romhpa, agus iad ri fàidheadaireachd:
Agus chuala Israel uile iomradh gun do bhuail Saul freiceadan nam Philisteach, agus mar an ceudna gu robh Israel air am meas gràineil leis na Philistich: agus ghairmeadh an sluagh an ceann a chèile an dèidh Shauil gu Gilgal.
Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nan daoine neo-thimcheall-gheàrrte ud: theagamh gun obraich an Tighearna air ar son; oir chan eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan.
Dh’imich Daibhidh air an adhbhar sin as a sin, agus chaidh e as gu uaimh Adulaim: agus nuair a chuala a bhràithrean agus taigh a athar uile e, chaidh iad sìos an sin da ionnsaigh.