Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 23:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach sheas esan ann am meadhon an fhearainn, agus dhìon e e, agus bhuail e na Philistich: agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Dh’èirich esan agus bhuail e na Philistich gus an robh a làmh sgìth, agus an do lean a làmh ris a’ chlaidheamh. Agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr air an là sin; agus thill an sluagh na dhèidh a‑mhàin a dh’fhaobhachadh.

Bha esan maille ri Daibhidh ann am Pas-damim, agus an sin bha na Philistich air cruinneachadh an ceann a chèile gu cath; far an robh dail fhearainn làn eòrna; agus theich an sluagh ro na Philistich.

Is leis an Tighearna an fhurtachd; air do shluagh tha do bheannachd. Selah.

Led làimh thilg thu a‑mach na cinnich, ach shuidhich thu iadsan; chlaoidh thu na slòigh, ach thug thu orrasan soirbheachadh.

Deasaichear an t‑each fa chomhair là a’ chatha; ach is ann on Tighearna a tha tèarainteachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan