Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 23:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’èirich esan agus bhuail e na Philistich gus an robh a làmh sgìth, agus an do lean a làmh ris a’ chlaidheamh. Agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr air an là sin; agus thill an sluagh na dhèidh a‑mhàin a dh’fhaobhachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Ach sheas esan ann am meadhon an fhearainn, agus dhìon e e, agus bhuail e na Philistich: agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr.

A‑nis bha Nàaman ceannard sluagh rìgh Shiria na dhuine mòr aig a thighearna, agus urramach, a chionn leis-san gun tug an Tighearna saorsa do Shiria: bha e mar an ceudna treun ann an neart, ach bu lobhar e.

Bha esan maille ri Daibhidh ann am Pas-damim, agus an sin bha na Philistich air cruinneachadh an ceann a chèile gu cath; far an robh dail fhearainn làn eòrna; agus theich an sluagh ro na Philistich.

Trìd Dhè nì sinn treubhantas, oir saltraidh esan sìos ar naimhdean.

Is esan a bheir buaidh do rìghrean, a shaoras Daibhidh, a òglach fhèin, on chlaidheamh mhillteach.

Theich, theich rìghrean nan armailtean, agus roinn ise a dh’fhan aig an taigh a’ chreach.

Air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a’ mhòran, agus roinnidh e a’ chreach maille ris na cumhachdaich; a chionn gun do dhòirt e a‑mach a anam gu bàs; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar-ghuidhe airson nan ciontach.

Oir cha bhi dànachd agam labhairt air a’ bheag de na nithean sin, nach d’obraich Crìosd leam, a‑chum na Cinnich a dhèanamh umhail ann am facal agus ann an gnìomh,

Oir chan eil sinne gar searmonachadh fhèin, ach Iosa Crìosd an Tighearna; agus sinn fhèin nar seirbhisich dhuibhse airson Iosa.

Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet-horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.

Agus na rìghrean sin uile, agus am fearann, ghlac Iosua a dh’aon tarraing, do bhrìgh gun do chog an Tighearna Dia Israeil airson Israeil.

Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot-maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò.

Agus nuair a thàinig e gu Lehi, rinn na Philistich iolach a’ dol na choinneamh: agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus dh’fhàs na cùird a bha air a ghàirdeanan mar lìon a loisgeadh le teine, agus dh’fhuasgladh a cheanglaichean bhàrr a làmhan.

Agus bha tart mòr air, agus ghairm e air an Tighearna, agus thubhairt e, Thug thu an t‑saorsa mhòr seo do làimh do sheirbhisich: agus a‑nis am faigh mi bàs le tart, agus an tuit mi ann an làimh nan neo-thimcheall-gheàrrte?

Agus thubhairt Saul, Cha chuirear duine gu bàs air an là seo; oir an‑diugh dh’obraich an Tighearna saorsa ann an Israel.

Mar sin shaor an Tighearna Israel air an là sin: agus chaidh an cath thairis gu Bet-abhen.

Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nan daoine neo-thimcheall-gheàrrte ud: theagamh gun obraich an Tighearna air ar son; oir chan eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan.

Agus thill clann Israeil o ruagadh nam Philisteach, agus chreach iad an camp.

Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan