Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 23:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis is iad seo briathran deireannach Dhaibhidh. Thubhairt Daibhidh mac Iese, agus thubhairt an duine a chuireadh suas gu h‑àrd, aon ungte Dia Iàcoib, agus salmadair binn Israeil:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus ghairm Iàcob air a mhic, agus thubhairt e, Cruinnichibh sibh fhèin an ceann a chèile, a‑chum is gun innis mi dhuibh ciod a thàrlas dhuibh anns na làithean deireannach.

Tha e a’ dèanamh mo chas mar chasan èilde: agus air m’àitean àrda socraichidh e mi.

Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh, agus da shliochd gu bràth.

An sin air an là sin, thug Daibhidh seachad a’ chiad uair an laoidh mholaidh seo don Tighearna, ann an làimh Asaiph agus a bhràithrean:

Seinnibh dhàsan, seinnibh salm dha, labhraibh air a uile obraichean iongantach-san.

Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh-sa.

Chrìochnaicheadh ùrnaighean Dhaibhidh mhic Iese.

Fhuair mi Daibhidh m’òglach; lem ola naoimh dh’ung mi e,

Lem bi mo làmh gu daingeann; mar an ceudna neartaichidh mo ghàirdean e.

A tha a’ seinn do fhuaim na clàrsaich; a tha cosmhail ri Daibhidh, a’ dealbh dhaibh fhèin innealan-ciùil:

Agus tha Daibhidh fhèin ag ràdh ann an leabhar nan Salm, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh air mo làimh dheis,

Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall-sa, a bhith air an coileanadh.

Agus is e seo am beannachadh leis an do bheannaich Maois, òglach Dhè, clann Israeil ro a bhàs.

Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.

A bheil neach sam bith fo thrioblaid nur measg? Dèanadh e ùrnaigh. A bheil neach sam bith subhach? Seinneadh e sailm.

A‑nis b’e Daibhidh mac an Ephrataich sin o Bhetlehem Iùdah, dom b’ainm Iese; agus bha ochdnar mhac aige; agus bha an duine ann an làithean Shauil na sheann duine, air teachd air aghaidh ann an aois.

Agus fhreagair na mnathan a chèile nuair a bha iad a’ seinn, agus thubhairt iad, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean.

Brisear nam bloighdean eascairdean an Tighearna: as na nèamhan nì e tàirneanach orra: bheir an Tighearna breith air crìochan na talmhainn; agus bheir e neart da rìgh, agus àrdaichidh e adharc a Aoin ungte fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan